Sreath de phodcastan bho sgioba nan naidheachdan a’ toirt sgrìob tro na cuspairean as cudromaiche ‘sna naidheachdan an diugh.
A series of podcasts from BBC Naidheachdan, looking at the most important topics in the news today.
php/* */ ?>
Sreath de phodcastan bho sgioba nan naidheachdan a’ toirt sgrìob tro na cuspairean as cudromaiche ‘sna naidheachdan an diugh.
A series of podcasts from BBC Naidheachdan, looking at the most important topics in the news today.
Copyright: © (C) BBC 2023
Sgioba Eòrpa a' coimhead ri mèinnearachd liteam le sùil air coimhearsnachdan am Portugal is Czechia far a bheil e an ìmpis tòiseachadh.
Tha Sgioba Eòrpa a' deasbad suidheachadh na Gàidhlig às dèidh do dh'àireamhan a' chunntais-shluaigh tighinn a-mach nas tràithe am-bliadhna.
Darren Laing a' còmhradh ri Ailean Peutan is Iain MacDiarmaid is connspaid anns na Canàraich mu bhuaidh turasachd air an àite.
Anndra MacFhionghain a’ bruidhinn ri Niall O’Gallagher agus Mìcheal MacNèill is cola-deug ann gu là an taghaidh.
Anndra MacFhionghain a' bruidhinn ri Darren Linc agus Mìcheal MacNèill mun Taghadh 2024.
Anndra MacFhionghain a' bruidhinn ri sgioba phoilitigeach BBC Naidheachdan is iomairt an taghaidh air tòiseachadh.
San t-Sultain, theich còrr is 100,000 neach à Nagorno-Karabakh - cha mhòr a' falamhachadh na sgìre. Tha sgioba Eòrpa air a bhith a' bruidhinn ri cuid de na fògarraich sin gus na cunntasan pearsanta aca fhaighinn. Sa phodcast seo tha an sgioba a' bruidhinn mun sgeulachd is a' togail air na cunntasan sin.
Dòmhnall Moireasdan le sùil air cunntas-sluaigh 2022 is dealbh measgaichte airson na Gàidhlig.
Eadar an 1970n agus na 1990n chaidh 30,000 duine a ghannrachadh le Hepatitis C agus HIV an dèidh dhaibh stuthan fala fhaighinn bhon NHS. Cho-dhùin rannsachadh poblach, a mhair sia bliadhna, gun deach am fàiligeadh uair an dèidh uair le dotairean, an NHS agus riaghaltasan. Dhearbh Riaghaltas Westminster gun tèid sgeama airgead dìolaidh a chur an sàs agus gum faigh feadhainn a' chiad chuibhreann dheth as t-samhradh. Beagan uairean a thìde an dèidh do bhuil an rannsachaidh a bhith air fhoillseachadh, fhuair Anndra MacFhionghain cothrom bruidhinn ris an Urr Susaidh Roberts. Chaochail a h-athair, John Kenneth Algie, an dèidh dha fuil fhaighinn a bha air a thruailleadh le Hepatitis is HIV.
San dàrna podcast a’ comharrachadh 200 bliadhna den RNLI tha Shona NicDhòmhnaill còmhradh ri triùir aig a bheil dlùth-cheangal ri sgioba bhàta-teasairginn Bharraigh.
Leis an RNLI a’ comharrachadh 200 bliadhna tha Dòmhnall Moireasdan a’ còmhradh ri feadhainn a bha agus a tha an sàs ann an sgioba bhàta-teasairginn an t-Òib.
Tha Anndra MacFhionghain a' toirt sùil air mar a tha Humza Yousaf air a dhreuchd mar Phrìomh Mhinistear fhàgail
Tha Taghta a' cluinntinn bho Chathleen NicLeòid a tha an-dràsta anns na Stàitean Aonaichte airson obair-lannsa a bheir aiste mesh, is i ag innse mar a thug an suidheachadh cruth-atharrachadh air a beatha.
Còmhradh leis an Oll Boyd Robasdan is figearan ùra air sealltainn nach robh àrdachadh idir san àireimh de thidsearan am FtMG sna bun-sgoiltean an-uiridh.
Tha Shona NicDhòmhnaill a' cluinntinn sgeulachd chumhachdach Anne, banntrach Bill Quarm, a chaidh a dhìteadh gu ceàrr an lùib sgainneal IT Horizon.
Agallamh leis an Dtr Petra Johana Poncarová, ùghdar a' chiad làn-leabhar rannsachaidh mu dheidhinn Ruaraidh MacThòmais: 'Derick Thomson and the Gaelic Revival'.
Taghta a' comharrachadh 100 bliadhna bho chaidh a' chiad phrògram Gàidhlig a chraoladh.
Leis a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail air ais am Pàislig am-bliadhna, tha am Mòdcast againn air a bhith a' coimhead ri eachdraidh a' bhaile ann am beagan a bharrachd doimhneachd.
Bha am Mòd ann am Pàislig aon turas ron seo, air ais ann an 2013. Tha am Mòdcast air a bhith a' bruidhinn ris an fheadhainn a bhuannaich na buinn òir bho chionn deich bliadhna.
Dòmhnall Moireasdan a' còmhradh ri ceann-suidhe a' Chomuinn Ghàidhealaich, Magaidh Choineagan, is am Mòd air ais am Pàislig.
Tha Seumas Dòmhnallach a' bruidhinn ri Donaidh MacFhionghain, Iain Tormod MacLeòid, agus Nicola NicThòmais mun bhuaidh a th' air a bhith aig Sabhal Mòr Ostaig air Slèite
Còmhradh mu Stiùbhart MacRath Chonchra, ceann-cinnidh Gàidhealach a chluich ball-coise do Shasainn is an eachdraidh teaghlaich a dh'fhàg gun do thachair sin.
Còmhradh leis an Dtr Dòmhnall Uilleam Stiùbhart mu thuras Samuel Johnson is Seumas Boswell timcheall na Gàidhealtachd 's nan Eilean bho chionn 250 bliadhna.
Tha fiosrachadh a chaidh a lorg às ùr ag innse gu bheil cluba iomain Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal nas sine na bha iad fhèin a' smaointinn. Tha Taghta a' bruidhinn ri ceann-suidhe a' chluba, Aonghas MacAonghais.
100 bliadhna bho sheòl an SS Metagama à Steòrnabhagh, tha Dòmhnall Moireasdan ag aithris air buaidh na h-eilthireachd.
100 bliadhna bho sheòl an SS Marloch à Loch Baghasdail, tha Dòmhnall Moireasdan ag aithris air buaidh na h-eilthireachd.
Gheibh mu 200 duine ann an Alba dearbhadh gach bliadhna gu bheil iad a' fulang le tinneas Motor Neurone no MND. Tha Shona NicDhòmhnaill air a bhith a' còmhradh ri Chrissie Laing ann an Uibhist a thaobh mar a tha ise a' dèiligeadh leis an tinneas.
Le Sgoil MhicNeacail a' comharrachadh gu bheil i 150 bliadhna a dh'aois, tha Dòmhnall Moireasdan air a bhith a' còmhradh ri Niall Bartlett mu chuid de reactaran ainmeil na sgoile.
Annabel Nic ‘Illinnein a' bruidhinn ri Anndra MacFhionghain a tha air a bhith ann an Estòinia airson Eòrpa is e a' coimhead ri mar a tha an Ruis is dìleab linn nan comannach fhathast a' toirt buaidh air an dùthaich.
150 bliadhna bho dh'fhosgail Sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh, tha Ruairidh MacÌomhair a' toirt sùil air sgeulachd nam bràithrean a stèidhich an sgoil.
Annabel Nic ‘Illinnein a' còmhradh ri Andreas Wolff mu phrògram a rinn e airson Eòrpa mu Albàinianaich a tha air feuchainn ri slighe a dhèanamh a Bhreatainn gu mì-laghail air bàtaichean beaga.
Màiri Riddoch a' bruidhinn ris an Oll Kay NicLeòid bho Oilthigh Chicago is Là Aillse na Cruinne ann Disathairne.
Annabel Nic ‘Illinnein a' còmhradh ri Eilidh NicÌomhair air mar chaidh laghan air casg-breith a theannachadh sa Phòlainn, is i air tadhal air an dùthaich airson a' phrògraim Eòrpa.
Màiri Riddoch ann an còmhradh ri Kirsteen NicIlleChiar mu bhuaidh staing Covid-19 air cloinn is an taic a th' ann dhaibh.
Shona NicDhòmhnaill ann an còmhradh ri Tormod MacAsgaill bho Stòras Uibhist mu na prìomhachasan is dùbhlain a tha ron bhuidhinn.
Bu chòir barrachd a dhèanamh den cheangal eadar Flòraidh NicDhòmhnaill, bana-ghaisgeach nan Seumasach, agus Uibhist. Sin a rèir fhir a tha càirdeach rithe is a tha air a bhith a' rannsachadh a beatha. Tha 300 bliadhna bho rugadh Flòraidh. Tha ceist air Tòmas MacDhòmhnaill ge-tà, mu dè cho faisg air an fhìrinn 's tha cuid de na tha sgrìobhte mu deidhinn. Bhruidhinn Shona NicDhòmhnaill ris.
Leis a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann am Peairt, tha Taghta a' coimhead ri dualchas na Gàidhlig san sgìre mun cuairt.
Dòmhnall Moireasdan a' còmhradh ri Ceann-suidhe a' Chomuinn Ghàidhealaich, Ailean Caimbeul, air thoiseach air Mòd Pheairt.
An t-Urr. Iain Urchardan ag innse do Ghilleasbuig MacDhòmhnaill mu chothrom a bh' aige deireadh-seachdain a chur seachad còmhla ris a' Bhanrigh nach maireann is buill eile den Teaghlach Rìoghail aig Baile Mhorail bho chionn grunn bhliadhnaichean.
Bha clach-mhìle mhòr an Uibhist a Deas agus an an t-ionad culturail, Cnoc Soilleir, ga fhosgladh gu h-oifigeil. Tha Shona NicDhòmhnaill a’ bruidhinn ri cathraiche Cheòlais, Màiri NicAonghais, mun t-slighe fhada chun na h-ìre seo, is dè tha romhpa leis a’ phròiseict a-nise.
Magaidh NicFhionghain a' bruidhinn ri Màiri Kidd mu Iseabail Gowdie is taisbeanadh ùr mu beatha air fosgladh ann an Inbhir Narann, is còmhradh cuideachd mu bhoireannaich eile a chaidh a chur gu bàs fo chasaid gun robh iad nam bhana-bhuidsichean.
A' bhuaidh a tha dìth fiosrachaidh is tuigse air gnothaichean slàinte a' toirt air beatha mòran bhoireannach
Tha Aonghas Dòmnullach a' beachdachadh air eachdraidh gàrradh-ola Àranais agus a' bhuaidh a bh' aige air Leòdhas.
Shona NicDhòmhnaill a' còmhradh ri Shona Masson bho Cheòlas mu dhachaigh ùr na buidhne ann an Cnoc Soilleir
Tha Anndra MacFhionghain a' beachdachadh air a' bhuaidh a tha gnìomhachas an fhasain a' toirt air an àrainneachd.
Agallamhan le triùir eòlaichean mu na tha a dhìth gus Gàidhlig a neartachadh aig ìre na dachaigh
Beachdan air Cogadh nan Eileanan Faclanach is 40 bliadhna bho thàinig e gu ceann.
Fhad 's a bha Iùbailidh na Banrìgh a' dol, bha iad a' comharrachadh clach-mhìle shònraichte eile am Barraigh is Peigi Haggarty à Borgh 100 bliadhna a dh'aois.
Agallamh le Aonghas Lambkin mun obair aige mar neach-cobhair leis na Dùthchannan Aonaichte an Afganastan, far an robh e ann an conaltradh gu cunbhalach leis na Taliban.
An tè-naidheachd Eileen NicDhòmhnaill air turas rathaid tro chuid de sgìrean na Gàidhealtachd air thoiseach air an taghadh ionadail sa Chèitean.
Angela NicIlleathain a' dèanamh luaidh air Kitty NicLeòid à Nis - tè de shàr sheinneadairean Gàidhlig an 20mh linn.
Agallamh leis an Dtr Stiùbhart Dunmore bho Oilthigh Sussex mu phròiseact rannsachaidh ùr aig Harvard air cleachdadh na Gàidhlig ann an Sasainn Nuadh.
Angela NicIlleathain a' dèanamh luaidh air Ann Urchadan - an aona bhoireannach a-riamh a bha na Pròbhaist air baile Steòrnabhaigh.
Calum MacLeòid le sùil air ais air deireadh a' Chogaidh Fhuair an 1992 is ceistean às ùr mun chàirdeas eadar sear is siar.
Taghta a’ cluinntinn bhon Dtr Mairead Connell-Szasz agus Scott Moireasdan, a bha an sàs ann an deasbad air-loidhne mu cholonachd, na Gàidheil, is Tùsanaich Aimeireagaidh a Tuath.
Tha sgioba Taghta a' beachdachadh air bochdainn agus mar a tha sin a' bualadh air teaghlaichean ann an Alba.
Dòmhnall Pollock ag aithris air leasachaidhean a thaobh na Gàidhlig ann am Màbu ann an Eilean Cheap Breatainn
Darren Linc a'còmhradh ri Niall O'Gallagher, Mìcheal MacNèil & Calum MacAmhlaigh mu COP26
Sgeulachd iongantach Pheadair MhicUilleim à Inbhir Nis, “an Gàidheal as cliùtiche ann am ball-coise a-riamh”. Tha Dòmhnall Pollock a' bruidhinn ri ogha Pheadair, Ceit Pheutan.
Le seusan turasachd an t-samhraidh a’ tighinn gu crìch, tha sgioba Taghta a’ beachdachadh air buaidh a’ ghnìomhachais ’sa Ghàidhealtachd is na h-Eileanan
Tha Ailean Peutan a' beachdachadh air an deasbad timcheall chòraichean luchd-màl ann an Alba.
Ailean MacLeòid, Calum MacLeòid, agus Anndra MacFhionghain a’ coimhead air ais air tachartasan agus dìleab ionnsaighean 9/11.
Ruairidh Alasdair MacIllFhinnein a' còmhradh leis an sgrìobhadair is neach-iomairt Daibhidh Eyre mu chlas anns an Rioghachd Aonaichte agus na tha sin a' ciallachadh an-diugh.
Sgioba Taghta a’ tilleadh is iad a’ beachdachadh air an deasbad timcheall ath-fhiadhachadh ann an Alba an-diugh.
Tha sgioba BBC Naidheachdan a' coimhead air ais air an t-Iuchair 1991 nuair a chaill Comhairle nan Eilean £24m ri linn sgainneal a' bhanca eadar-nàiseanta BCCI.
Tha sgioba BBC Naidheachdan a' coimhead air ais air an t-Iuchair 1991 nuair a chaill Comhairle nan Eilean £24m ri linn sgainneal a' bhanca eadar-nàiseanta BCCI.
Tha sgioba BBC Naidheachdan a' coimhead air ais air an t-Iuchair 1991 nuair a chaill Comhairle nan Eilean £24m ri linn sgainneal a' bhanca eadar-nàiseanta BCCI.
Tha sgioba BBC Naidheachdan a' coimhead air ais air an t-Iuchair 1991 nuair a chaill Comhairle nan Eilean £24m ri linn sgainneal a' bhanca eadar-nàiseanta BCCI.
Tha sgioba BBC Naidheachdan a' coimhead air ais air an t-Iuchair 1991 nuair a chaill Comhairle nan Eilean £24m ri linn sgainneal a' bhanca eadar-nàiseanta BCCI.
Sgioba Taghta a' toirt sùil air ais air Taghadh Pàrlamaid na h-Alba 2021. Na h-iomairtean, buil an taghaidh agus cuid de na podcastan a b'fheàrr leotha san t-sreath
Sgioba taghta an seo air an là ron bhòt
An t-seachdains air Taghta, dè tha na pàrtaidhean ag ràdh mun àrainneachd?
Taghta a' coimhead air mar a tha mion-choimhearsnachdan gan riochdachadh aig Holyrood
Sgioba Taghta a' toirt sùil air a'Ghàidhlig agus An Taghadh
Ailean Peutan, Ruairidh Alasdair MacIllfhinnein agus Nicole Webber a' bruidhinn ris an luchd-naidheachd Cara Coburn agus Eileen NicDhòmhnaill, agus Eilidh Sykes, Pàdraig Moireasdan, Allison Nic an Tòisich, Agnes Rennie, Lana Pheutan, Calum McConnell agus Ceitidh Nic a' Phì. 'S e cuspair na seachdainsa taigheadas agus thathas a' beachdachadh air na dùbhlain mu choinneamh òigridh a bhith a' lorg àite-fuirich seasmhach, gu h-àraid air a' Ghàidhealtachd agus sna h-Eileanan. Beachd cuideachd air dè tha luchd-poileataigs a' gealltainn air thoiseach air an Taghadh Albannach 2021.
Ailean, Anndra agus Shona an seo gus beachdachadh air mar a tha an iomairt airson (agus an aghaidh) darna referendum mu neo-eisimeileachd a' toirt buaidh air Taghadh na h-Alba 2021
Dè bhuaidh a tha Covid-19 a' toirt air ullachadh airson Taghadh na h-Alba air 6mh Cèitean? Tha Ailean Beaton, Calum MacLeòid agus Shona Nic a' Phiocair a' faighinn a-mach.
Le taghadh Pàrlamaid air fàire bidh sgioba nan naidheachdan an seo airson stiùir spòrsail a thoirt dhuibh tro na clachan-mìle as cudromaiche.
With an election coming up, let the BBC Naidheachdan team take you on a lighthearted journey through the most important milestones in the campaign.